image of consumer leaflet

a’ freagairt air d’fheumlachdan is a’ bruidhinn do chànan

Gheibhear na foillseachaidhean againn ann am Braille, clò mòr no air teip.

Gheibhear fiosrachadh ann an caochladh chànanan eile

Gheibhear ar bileag airson luchd-ceannachd ann an cruth a tha soirbh ri leughadh (cruth teacsa ruigsinneach)

loidhne-cuideachaidh an FSA airson luchd-ceannachd

Ma bhios tu iomagaineach nach eil gnìomhachas fo riaghladh an FSA a’ gabhail ri na riaghailtean air fad, cuir fios gu loidhne-cuideachaidh an FSA air 0845 606 1234.

ar bileag airson luchd-ceannachd

do ghearan agus an t-ombudsman


Tha an dreach-làraich seo den bhileig againn airson luchd-ceannachd, do ghearan agus an t-ombudsman, dealbhte airson leughadh air sgrion. Far a bheil e iomchaidh, feumaidh gnìomhachasan uallach a ghabhail orra fhèin lethbhreac cruaidh oifigeil den bhileig seo a thoirt do luchd-ceannachd (chan e dìreach an duilleag seo air a priontadh) aig an ìre cheart sa mhodh-gearain aca. Faodaidh luchd-ceannachd fòn a chur thugainn cuideachd air 0800 023 4567 airson a’ bhileag seo iarraidh.

Gheibhear fiosrachadh do ghnìomhachasan mun riatanas aca airson ar bileag a thoirt do luchd-ceannachd agus mar a chuireas iad òrdan a-steach air a son san nota fiosrachaidh againn, ag innse do luchd-ceannachd mu Sheirbheis Ombudsman an Airgid.

mu Sheirbheis Ombudsman an Airgid

Ma rinn thu gearan leis a’ bhanca, companaidh àrachais no a’ bhuidhinn airgid agad – ach ma tha thu fhathast mì-thoilichte, ma dh’fhaodte gun tèid aig Seirbheis Ombudsman an Airgid air do chuideachadh.

Tha cumhachdan oifigeil againn connspaidean a rèiteachadh eadar gnìomhachasan airgid agus an luchd-ceannachd. Chaidh ar stèidheachadh le lagh airson seo a dhèanamh – mar eòlaichean neo-eisimeileach – agus tha ar seirbheis an-asgaidh do luchd-ceannachd.

Is urrainn dhuinn gearanan mun chuid as motha de ghnothaichean airgid a sgrùdadh, nam measg:

  • bancaireachd
  • àrachas
  • morgaidsean
  • peinnseanan
  • sàbhaladh agus airgead-seilbh
  • cairtean-creideis agus cairtean-bùtha
  • iasadan agus creideas
  • ceannachd-iasaid agus iomlaideachadh
  • comhairle airgid
  • stuic, còraichean, earrannan-maoin agus bannan.

Mur eil thu cinnteach an urrainn dhuinn do chuideachadh leis an duilgheadas agad – dìreach cuir fios thugainn is faighnich. Bidh sinn toilichte comhairle a thoirt dhut.
Cuir fòn thugainn air 0800 023 4567*

* Bidh sinn toilichte fòn a chur air ais thugad ma bhios tu iomagaineach mu chosgaisean fòn a chur thugainn.

ciamar a tha Seirbheis Ombudsman an Airgid a’ cuideachadh?

Tha sinn ag obair gus connspaidean a rèiteachadh cho ceart agus cho luath ’s a ghabhas. Tha dà thaobh aig gach connspaid, is, mar sin, bidh sinn a’ coimhead na cùise bho gach taobh agus a’ coimhead air an fhìrinn.

Ma dh’fhaodte gum bi sinn a’ faireachdainn gu bheil an gnìomhachas air an robh thu a’ gearain air do làimhseachadh ceart. Ma tha, innsidh sinn dhut.

Ma dh’fhaodte gun tig sinn gu co-dhùnadh gun robh an gnìomhachas ceàrr agus gun do chaill thu mar thoradh air sin. Mar sin, is urrainn dhuinn iarraidh air a’ ghnìomhachas cùisean a chur ceart dhut. San fharsaingeachd, tha e mar amas a bhith gad chur air ais ann an suidheachadh mar nach deach dad ceàrr idir.

Ma dh’fhaodte gum bi seo a’ gabhail a-steach a bhith ag iarraidh air a’ ghnìomhachas a bhith gad chuidteachadh airson na chaill thu gu luach £100,000 – ach tha a’ chuid as motha de chonnspaidean mu suimeannan fada nas lugha na seo.

dè a’ chiad cheum ann a bhith a’ dèanamh gearan?

Ma tha trioblaid agad le bathar no seirbheis airgid, tha e an-còmhnaidh nas fheàrr a bhith dèanamh oidhirp an toiseach cùisean a rèiteachadh leis a’ ghnìomhachas a tha an sàs sa ghnothach.

Ma tha trioblaid agad ann a bhith a’ cur fios gun ghnìomhachas no mur eil thu cinnteach mu dheidhinn rudeigin, leig fios thugainn. Mìnichidh sinn dè an ath cheum a bu chòir dhut a ghabhail.

Cuir fòn thugainn air 0800 023 4567

Bidh sinn toilichte fòn a chur air ais thugad ma bhios tu iomagaineach mu chosgaisean fòn a chur thugainn.
Is urrainn dhuinn an dòigh sa bheil sinn a’ cumail conaltradh riut atharrachadh, a rèir nam feumlachdan agad.

Ma bhios tu ag iarraidh fiosrachadh ann an cruth eadar-dhealaichte, mar eisimpleir ann am Braille, clò mòr no air teip – no ann an cànan diofraichte – leig fios thugainn mu na feumlachdan agad. Nì sinn ar dìcheall do chuideachadh.

cuin as urrainn do sheirbheis an ombudsman a dhol an sàs?

Is urrainn dhuinn a dhol an sàs is do ghearan a sgrùdadh:

  • ma chuir an gnìomhachas litir thugad leis an fhreagairt mu dheireadh air do ghearan, is gu bheil thu fhathast mì-thoilichte no
  • ma bha ochd seachdainean bho rinn thu gearan ris a’ ghnìomhachas, ach cha d’fhuair thu am freagairt mu dheireadh.

ciamar a leigeas mi fios thugaibh mun ghearan agam?

Feumaidh sinn fiosrachadh fhaighinn bhuat airson dèanamh a-mach an urrainn dhuinn do chuideachadh. Is urrainn dhut fios a leigeil thugainn mun ghearan agad le bhith cur fòn thugainn air 0845 080 1800. Is dòcha gun iarr sinn ort ar foirm-gearain a lìonadh. Tha seo a’ toirt an fhiosrachaidh phearsanta agus fios mun ghearan agad dhuinn – a’ gabhail a-steach dè tha thu ag iarraidh bhon ghnìomhachas airson cùisean a chur ceart.

Mas fheàrr leat, is urrainn dhut am foirm a phriontadh bhon làraich seo.

Nuair a chuireas tu fòn thugainn, is dòcha gun tèid againn air pàirt den fhiosrachadh a lìonadh air do shon, air a’ fòn. Chan fheum sinn ach geàrr-chunntas air do ghearan fhaighinn bhuat nuair a dh’fhònas tu ach bidh e na chuideachadh mas urrainn dhut àireamhan cunntais no àireamhan poileasaidh msaa a thoirt dhuinn.

dè thachras an uair sin?

Mas urrainn dhuinn dèiligeadh ris a’ ghearan agad, bidh sinn a’ tòiseachadh, mar as trice, le bhith toirt cuideachadh dhut agus dhan ghnìomhachas cùisean a rèiteachadh gu mì-fhoirmeil.

Bidh sinn:    

  • a’ toirt sùil air an taobh agadsa den chùis
  • a’ cur fios gun ghnìomhachas ag iarraidh an taobh acasan den chùis
  • a’ beachdachadh air an fhìrinn agus
  • ag innse dhut agus dhan ghnìomhachas ciamar tha sinn a’ faireachdainn mu dheidhinn.

Is dòcha gum bi sinn a’ faireachdainn gun do dhèilig an gnìomhachas riut gu cothromach, agus nach do chaill thu mar thoradh air na rinn e. Ma bhios, bidh sinn ag innse dhut carson.

Uaireannan gheibh sinn a-mach nach eil e soilleir cò tha ceart no ceàrr. Mar sin, is dòcha gum bi sinn a’ moladh co-rèiteachadh eadar thusa agus an gnìomhachas gus cùisean a shuidheachadh.

Ach ma tha e soilleir gun do chaill thu mar thoradh air na rinn (no nach d’rinn) an gnìomhachas, innsidh sinn dhan ghnìomhachas dè nì iad airson cùisean a chur ceart.

dè mur eil seo a’ cur chùisean ceart?

Ann an iomadh cùis, cuideachaidh an dòigh-obrach mì-fhoirmeil seo gus a’ chonnspaid agad a rèiteachadh. Mur a cuidich, is dòcha gu feum sinn coimhead nas fhoirmeile air cùisean. Ma dh’fhaodte gun cuir sinn barrachd cheistean ort agus air a’ ghnìomhachais. Ma dh’fhaodte gum bi sinn ag iarraidh sgrìobhainnean is fiosrachadh eile. Mar sin, ma dh’fhaodte gun toir e beagan ùine gus a’ chonnspaid agad a rannsachadh ceart.

Am bitheantas, bidh sinn a’ rèiteachadh a’ chuid as motha de chonnspaidean taobh a-staigh sia gu naoi mìosan. Cumaidh sinn fios riut air dè tha tachairt sa chùis agadsa.
Is urrainn dhuinn a’ chuid as motha de chonnspaidean a rèiteachadh às aonais co-dhùnadh oifigeil an ombudsman. Ach ma dh’fheumas sinn co-dhùnadh ombudsman sa chùis agadsa, ’s e co-dhùnadh deireannach a bhios ann.

Chan fheum thu gabhail ris a’ cho-dhùnadh againn. Faodaidh tu a dhol gu cùirt ma tha thu ag iarraidh. Ach chan urrainn dhuinn comhairle laghail a thabhann dhut mu fheumalachdan no bacaidhean cùirte sam bith (mar eisimpleir, mu chinn-latha).

am feum mi connspaid a thoirt do sheirbheis an ombudsman ro cheann-latha sònraichte?

Feumaidh. Feumaidh tu a’ chonnspaid a thoirt dhuinn taobh a-staigh sia mìosan bho cheann-latha na litreach “mu dheireadh” a gheibh thu bhon ghnìomhachas air a bheil thu a’ gearain.

Ma dh’fhaodte gum bi cinn-latha eile ann ma bhios tu:

  • a’ gearain mu dheidhinn rudeigin a thachair bho chionn fhada agus/no
  • ga fhàgail ro fhada nuair a tha fios (no nuair a bu chòir fios a bhith) agad gu bheil duilgheadas ann.

Innsidh sinn dhut mu riaghailtean no bacaidhean sam bith a dh’fhaodadh a bhith buntainn ris a’ chùis agad.

am faod cuideigin gearan a dhèanamh dhomh?

Faodaidh neach sam bith gearan a dhèanamh dhut – mar eisimpleir, cuideigin nad theaghlach, caraid no Comhairle a’ Phobaill. Ach bidh feum againn air cead sgrìobhte bhuat airson seo.

am feum mi cuideachadh sònraichte airson gearan a thoirt do sheirbheis an ombudsman?

Chan fheum. Cha bu chòir feum a bhith agad air cuideachadh sònraichte – bho fhear-lagha no companaidh-tagraidh, mar eisimpleir. Bidh sinn a’ coimhead air fìrinn na cùise – chan ann air dè cho math ’s a bhios tu a’ cur do thagraidh an cèill. Agus b’fheàrr leinn cluinntinn bhuat nad fhacail fhèin.

Ma bhios tu a’ fastadh cuideigin airson a bhith gad riochdachadh, ma dh’fhaodte gum bi agad ri na cosgaisean aca a phàigheadh. Is dòcha gum bi seo a’ ciallachadh gum bi thu gam pàigheadh a-mach à airgead-dìolaidh air a bheil còir agad.

a bheil toirt connspaid do Sheirbheis Ombudsman an Airgid coltach ri bhith a’ dol gu cùirt?

Chan eil seirbheis an ombudsman cho foirmeil ri na cùirtean. Am bitheantas, bidh ar co-dhùnaidhean stèidhichte air an fhiosrachadh a thig bhuat agus bhon ghnìomhachas sa ghearan agad, ann an sgrìobhadh no air a’ fòn. Mar as trice, chan fheum sinn coinneamhan aghaidh-ri-aghaidh (no “tagraidhean”) a chumail leis an dà thaobh airson a’ mhòr chuid de chonnspaidean a rèiteachadh.

Ma bhios còrr is £100,000 aig cridhe na connspaide, ma dh’fhaodte nach bi ar seirbheis freagarrach dhut. Ma dh’fhaodte gum b’fheàrr leat do ghearan a thoirt gu cùirt ma bhios tu fhèin airson gach pàipear a sgrùdadh, ceistean a thogail no ma tha thu ag iarraidh tagradh mar a bhiodh tu an dùil.

Sa chumantas, cha bhi sinn a’ làimhseachadh cùis a bha fa-near do chùirt roimhe (no ma bhios dùil air cùis-lagha).

an cuidich seirbheis an ombudsman ri gearanan ghnìomhachasan beaga?

Cuidichidh. Am bitheantas, is urrainn dhuinn sùil a thoirt air gearanan bho ghnìomhachasan beaga le tionndadh bliadhnail a tha nas lugha na £1 millean.

am faod seirbheis an ombudsman gnìomhachasan a pheanasachadh no càin a leigeil orra?

Chan fhaod. ’S e an obair againn connspaidean fa leth eadar gnìomhachasan-airgid a tha tabhann sheirbheisean airgid agus an luchd-ceannachd a rèiteachadh.

Tha ar seirbheis dìomhair. Chan fhoillsich sinn ainmean nan gnìomhachasan no an luchd-gearain ris an do dhèilig sinn.

Chan eil sinne a’ sgrìobhadh riaghailtean do ghnìomhachasan. Agus chan eil sinn a’ cumail sùil air (no “a’ riaghailteachadh”) ghnìomhachasan airson dèanamh cinnteach gun lean iad na riaghailtean. ’S ann air na riaghailtearan mar Financial Services Authority (FSA) agus Office of Fair Trading (OFT) a tha an t-uallach seo.

Chan eil sa bhileig seo ach fiosrachdh san fharsaingeachd. Tha na riaghailtean a leanas sinn gu math ioma-fhillte.

Ma dh’iarras tu oirnn sùil a thoirt air do ghearan, mìnichidh sinn riaghailtean no bacaidhean sam bith a dh’fhaodadh a bhith buntainn ris a’ chùis agad. Bheir sinn cothrom dhut ceist a thogail mu rud sam bith nach tuig thu no ris nach eil thu ag aontachadh.